Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 34:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile-chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.

Seadh, gu cinnteach cha dèan Dia gu h‑aingidh, agus cha chlaon an t‑Uile-chumhachdach breitheanas.

Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus èisdeadh duine glic rium.

Cò a dh’fhiosraich a shlighe? Agus cò a dh’fhaodas a ràdh, Rinn thu euceart?

An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e.

Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile-chumhachdach ceartas?

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

A‑chum gun nochd iad gu bheil an Tighearna, mo charraig, cothromach, agus nach eil euceart ann.

An tì a dhiùltas fòghlam, nì e tàir air a anam fhèin; ach an tì a dh’èisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse.

Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.

Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia? Nar leigeadh Dia.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Na abradh neach sam bith nuair a bhuairear e, Tha mi air mo bhuaireadh le Dia: oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le olc, cha mhò a bhuaireas e neach sam bith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan