Feuch, rinn mise a rèir do bhriathran: feuch, thug mi dhut cridhe glic agus tuigseach, air chor is nach robh neach air bith romhad cosmhail riut, agus nach mò a dh’èireas ad dhèidh neach air bith cosmhail riut.
Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsaigh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad nan ràthan air muir, gu ruig an t‑àit a shònraicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus nì thu mo riar ann am biadh a thabhairt dom theaghlach.
Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean.
Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: