Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 32:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?

Anns na h‑aosda tha gliocas; agus ann am fad làithean tuigse.

Tha araon an ceann-liath agus an t‑aosmhor nar measg-ne nas sine gu mòr na d’athair.

Cha bhi daoine mòra a‑ghnàth glic; agus cha tuig na h‑aosmhoir breitheanas.

Os cionn nan seanairean tha mi crìonna, a chionn gu bheil mi a’ gleidheadh do reachdan.

Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.

Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan