Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 32:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chan aithne dhòmhsa cainnt mhiodalach: nam b’aithne, gu h‑aithghearr bheireadh mo Chruithear air falbh mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Esan a nì miodal ra chàirdean, fàilnichidh sùilean a chloinne.

Na gabham-sa, guidheam ort, ri gnùis duine air bith; agus ri duine na labhram gu miodalach.

Uime sin, a Iob, cluinn, guidheam ort, mo bhriathran, agus èisd rim bhriathran uile.

O ionracas mo chridhe thig mo bhriathran; agus labhraidh mo bhilean eòlas gu soilleir.

Am bi duine nas ceirte na Dia? Am bi fear nas glaine na a Chruithear?

An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.

Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas.

Oir a bheil mi a‑nis a’ cur impidh air daoine, no air Dia? No a bheil mi ag iarraidh daoine a thoileachadh? Oir nam bithinn fhathast a’ toileachadh dhaoine, cha bhithinn am sheirbhiseach aig Crìosd.

Oir cha do ghnàthaich sinn uair air bith briathran miodalach, mar as aithne dhuibh, no leisgeul sannt; is e Dia ar fianais:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan