Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil am Busitheach, de chinneadh Ram; an aghaidh Iob las a fhearg, a chionn gun d’fhìreanaich e e fhèin nas mò na Dia.
Has a chiad-ghin, agus Buds a bhràthair, agus Cemuel athair Araim,
Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?
Oir teagaisgidh aingidheachd do bheul, agus roghnaichidh tu teanga nan cuilbheartach.
Nach eil d’aingidheachd mòr, agus d’euceartan gun chrìch?
Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,
Nar leigeadh Dia gun saorainn sibh: gus am bàsaich mi, chan atharraich mi m’ionracas uam.
Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean.
Tha thu air fàs an‑iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu gad chur fhèin am aghaidh.
Mar an ceudna an aghaidh a thriùir chàirdean las a fhearg, a chionn nach d’fhuair iad freagradh, agus gun do dhìt iad Iob.
Gu cinnteach labhair thu am èisdeachd, agus chuala mi guth do bhriathrar, ag ràdh,
An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd-sa os cionn fìreantachd Dhè;
An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?
Oir dh’ith eud do thaighe suas mi, agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhutsa.
Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.
Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?
Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich: