Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 32:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha mi làn de bhriathran; tha spiorad mo chuim gam èigneachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Freagraidh mise mar an ceudna mo chuid fhèin; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.

Feuch, tha mo chom mar fhìon gun dol as aige; mar shearragan nuadha, tha e ullamh gu bhith air a reubadh.

Ma dh’fheuchas sinn ri labhairt riut, an gabh thu gu h‑olc e? Ach cò as urrainn e fhèin a chumail o labhairt?

Dh’fhàs mo chridhe teth an taobh a‑staigh dhìom; nuair a bha mi a’ beachd-smaoineachadh, las an teine; labhair mi lem theangaidh.

Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi.

Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.

Oir chan eil e an comas dhuinne gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn a labhairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan