Agus dh’fheith mi, ach cha do labhair iad; ach sheas iad, agus cha do fhreagair iad na bu mhò.
O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.
Bha uamhas orra; cha do fhreagair iad na bu mhò; sguir iad de labhairt.
Freagraidh mise mar an ceudna mo chuid fhèin; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.
Measar an t‑amadan fhèin, nuair a bhios e na thosd, na dhuine glic; agus an tì a dhruideas a bhilean na dhuine tuigseach.
Air an adhbhar sin fanaidh an duine glic na thosd anns an àm sin; oir is aimsir olc i.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge: