Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 32:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air eagal gun abradh sibh, Fhuair sinn a‑mach gliocas: is e Dia a thilgeas sìos e, chan e duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!

Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium.

Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.

Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.

An àite cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àite eòrna, feanntagach. Chrìochnaicheadh briathran Iob.

Seadh, thug mi fa‑near sibh; agus, feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathran;

A‑nis cha do chuir e a bhriathran an òrdagh am aghaidh-sa; agus le ur faclan-se cha fhreagair mise e.

Le sèideadh Dhè sgriosar iad, agus le anail a shròine cuirear as dhaibh.

Oir tha saighdean an Uile-chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh.

Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad.

Tha iad air an tabhairt gu crìch a‑nis, agus cha b’ann o shean; agus ron là seo cha chuala tu iad; a‑chum nach abradh tu, Feuch, bha fhios agam orra.

Is truagh dhaibhsan a tha glic nam barail fhèin, agus nam beachd fhèin tuigseach.

Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:

Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat.

Saoraidh an Tighearna fòs pàilleanan Iùdah, mar o shean; mun dèan glòir taigh Dhaibhidh, no glòir luchd-àiteachaidh Ierusaleim, iad fhèin àrdachadh an aghaidh Iùdah.

Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.

Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic.

Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh a tha maille riut tuilleadh is lìonmhor gu mise a thoirt nam Midianach nan làimh, air eagal gun dèanadh Israel uaill am aghaidh, ag ràdh, Shaor mo làmh fhèin mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan