Seadh, thug mi fa‑near sibh; agus, feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathran;
Feuch, dh’fheith mi ri ur briathran; dh’èisd mi ri ur reusanan, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh.
Air eagal gun abradh sibh, Fhuair sinn a‑mach gliocas: is e Dia a thilgeas sìos e, chan e duine.
Mar an ceudna an aghaidh a thriùir chàirdean las a fhearg, a chionn nach d’fhuair iad freagradh, agus gun do dhìt iad Iob.
A’ miannachadh a bhith nan luchd-teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte.