Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 32:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, dh’fheith mi ri ur briathran; dh’èisd mi ri ur reusanan, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Riumsa dh’èisd daoine, agus dh’fheith iad, agus bha iad nan tosd rim chomhairle.

Agus bha sùil aca rium, mar ris an uisge; agus dh’fhosgail iad am beul gu farsaing, mar airson an uisge dheireannaich.

Uime sin thubhairt mi, Eisdibh rium; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.

Seadh, thug mi fa‑near sibh; agus, feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathran;

A‑nis dh’fheith Elihu gus an do labhair Iob, a chionn gum bu shine iad na esan.

Feuch, seo an nì a rannsaich sinn; mar sin tha e; èisd ris, agus biodh fhios agad air, air do shon fhèin.

Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e.

Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan