Uime sin thubhairt mi, Eisdibh rium; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.
Feuch, dh’fheith mi ri ur briathran; dh’èisd mi ri ur reusanan, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh.
Cha bhi daoine mòra a‑ghnàth glic; agus cha tuig na h‑aosmhoir breitheanas.
A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas.
Ach tha i nas sona ma dh’fhanas i mar sin, a rèir mo bhreith-sa: agus is i mo bharail gu bheil Spiorad Dhè agam.