An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin.
Their mi ri Dia, Na dìt mi; thoir fios dhomh carson a tha thu a’ cur am aghaidh.
Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.
Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.
Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.
Oir teagaisgidh aingidheachd do bheul, agus roghnaichidh tu teanga nan cuilbheartach.
Nach eil d’aingidheachd mòr, agus d’euceartan gun chrìch?
An sin thagradh am fìrean ris, agus bhithinn air mo shaoradh gu bràth om bhritheamh.
Gu cinnteach labhair thu am èisdeachd, agus chuala mi guth do bhriathrar, ag ràdh,
Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.
An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?
Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd-sa ann.