Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 31:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich on àirde?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna a‑nis, feuch, anns na nèamhan tha m’ fhianais, agus esan a bheir teisteas orm anns na h‑àrdan.

Is e seo cuibhreann an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’òrdaicheadh dha le Dia.

Cia minig a chuirear coinneal nan aingidh as? Agus a thig an sgrios orra? Roinnidh Dia doilgheasan na fheirg.

Tha tighearnas agus eagal maille ris-san: nì e sìth na ionadan àrda.

Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-fòirneirt a gheibh iad on Uile-chumhachdach.

Ach ma nì an Tighearna gnìomh nuadh, agus gum fosgail an talamh a bheul, agus gun sluig e suas iad maille ris gach nì as leo, agus gun tèid iad sìos beò don t‑sloc, an sin tuigidh sibh gun do bhrosnaich na daoine sin an Tighearna.

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan