Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 30:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis is mise as òran dhaibh, agus tha mi am leth-fhacal aca.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.

Agus rinn e mi am ghnàth-fhacal don t‑sluagh; agus tha mi mar bhall-fochaid romhpa.

Clann nan amadan, seadh, clann dhaoine gun chliù: bha iad na bu tàireile na an talamh.

Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh.

Mheall thu mi, O Thighearna, agus bha mi air mo mhealladh; is tu as treasa na mise, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis-mhagaidh gach là, gach aon ri fanaid orm.

Bha mi ann am chùis-mhagaidh dom shluagh uile, ann am òran dhaibh fad an là.

Dh’fhosgail ar naimhdean uile am beul nar n‑aghaidh.

Feuch an suidhe sìos, agus an èirigh suas; is mise an ceòl.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan