Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
An sin fhreagair Amos, agus thubhairt e ri Amasiah, Cha b’fhàidh mise, cha mhò a bu mhac fàidh mi; ach bu bhuachaille sprèidhe mi, agus fear-tionail meas sicamoir: