Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 30:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha thu gam thogail ris a’ ghaoith: tha thu a’ toirt orm marcachd oirre, agus a’ leaghadh as mo bhrìgh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha.

Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e.

Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar.

Chan ann mar sin a bhios na h‑aingidh, ach mar mholl a sgapas a’ ghaoth.

Trìd do chorraich agus d’fheirge, oir thog thu mi suas, agus leag thu mi sìos.

Tha e a’ leagadh sailthean a sheòmraichean anns na h‑uisgeachan, a’ dèanamh nan neul nan carbad dha fhèin, a’ siubhal air sgiathan na gaoithe;

Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.

Beucaidh na cinnich cosmhail ri toirm mòran uisgeachan; ach bheir Dia dhaibh achmhasan, agus teichidh iad fad air falbh; agus fuadaichear iad mar chanach an t‑slèibh ron ghaoith, agus mar chuairteig ron iomaghaoith.

Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tràth bhios làithean an t‑sèisdidh air an coileanadh; agus gabhaidh tu trian, agus buailidh tu ma thimcheall le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tàirngidh mise a‑mach claidheamh nan dèidh.

Air an adhbhar sin bidh iad mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh: mar am moll air fhuadachadh le cuairt-ghaoith on ùrlar-bhualaidh; agus mar thoit a‑mach as an luidhear.

Cheangail a’ ghaoth suas i na sgiathan: agus bidh nàire orra a‑thaobh an ìobairtean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan