Seadh, ciod an tairbhe a bhiodh dhòmhsa ann an neart an làmh, aig an deachaidh as dan seann aois?
Ach a‑nis tha iadsan as òige na mise a’ dèanamh fanaid orm, muinntir nach b’fhiù leam an athraichean a chur maille ri coin mo threuda.
Le dìth agus le gorta bha iad uaigneach, a’ teicheadh don fhàsach, a bha anns an àm a chaidh seachad na fhàsalachd agus na lèirsgrios:
Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta: