Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 30:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a‑nis tha iadsan as òige na mise a’ dèanamh fanaid orm, muinntir nach b’fhiù leam an athraichean a chur maille ri coin mo threuda.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e suas as a sin gu Betel: agus nuair a bha e a’ dol suas air an t‑slighe, thàinig clann bheag a‑mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanaid air, agus thubhairt iad ris, Gabh suas, fhir mhaoil; gabh suas, fhir mhaoil.

Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.

Seadh, ciod an tairbhe a bhiodh dhòmhsa ann an neart an làmh, aig an deachaidh as dan seann aois?

Rinn na h‑uaibhrich fanaid orm gu mòr; gidheadh od lagh cha do chlaon mi.

Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir.

Agus bidh an sluagh air an sàrachadh, gach fear le a chèile, agus gach fear le a choimhearsnach; nì an t‑òganach tàir air an aosda, agus an duine an‑uasal air an duine uasal.

Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.

Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air;

Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas:

Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.

Agus thug aon de na droch dhaoine a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, Mas tu Crìosd, saor thu fhèin agus sinne.

Ach air do na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach a bhith air am brosnachadh le eud, ghabh iad dan ionnsaigh droch dhaoine àraidh de na corraibh-margaidh, agus air tional cuideachd mhòir dhiubh, chuir iad am baile uile thar a chèile, agus chuartaich iad taigh Iàsoin, agus dh’iarr iad an toirt a‑mach a‑chum an t‑sluaigh.

Thubhairt neach àraidh dhiubh fhèin, eadhon fàidh dhiubh fhèin, Is breugairean a‑ghnàth na Crètich, droch fhiadh-bheathaichean, builg mhall.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan