Dorchaichear reultan a dùbhra; amhairceadh i airson solais, ach na tigeadh e; agus na faiceadh i rosgan na maidne:
A chionn nach do dhruid i dorsan mo bhronn, agus nach d’fhalaich i bròn om shùilean.
Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an là, a tha deas a thogail Lebhiatain.
Nuair a bha sùil agam ri math, an sin thàinig olc; agus nuair a bha dùil agam ri solas, thàinig dorchadas.
Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair?
Le a shitrich soillsichidh solas; agus tha a shùilean cosmhail ri rosgan na maidne.
Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.
Bha sùil againn ri sìth, ach math sam bith cha tàinig; ri aimsir slàinte, agus feuch uamhas!