Feuch, biodh an oidhche sin aonaranach; na tigeadh fonn aoibhinn oirre.
An oidhche sin, glacadh dorchadas i; na cuirear i ri làithean na bliadhna; ann an àireamh nam mìos na tigeadh i.
Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an là, a tha deas a thogail Lebhiatain.
Sguir fuaim aighearach nan tiompan; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich.
An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; bidh an dùthaich na fàsach.