Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dubhadh an dorchadas agus sgàil a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnaidh air; dèanadh iad uamhasach e mar na làithean as seirbhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Tha m’aodann air at le gal, agus air mo rosgan tha sgàil a’ bhàis;

Oir tha a’ mhadainn dhaibhsan mar sgàil a’ bhàis: ma dh’aithnicheas neach iad, bidh iad ann an uamhasan sgàil a’ bhàis.

Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis.

Biodh an là sin na dhorchadas: na iarradh Dia e on àirde, agus na dealraicheadh solas air.

An oidhche sin, glacadh dorchadas i; na cuirear i ri làithean na bliadhna; ann an àireamh nam mìos na tigeadh i.

Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd-dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.

An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis?

Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus ann an iarann,

Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach.

Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

Ged mhìn-phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis.

An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.

Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.

Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?

Airson seo nì an talamh bròn, agus dorchaichear na nèamhan shuas; a chionn gun do labhair mise, agus cha ghabh mi aithreachas; chuir mi romham, agus cha tèid mi air m’ais uaithe.

Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann.

Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Iarraibh esan a tha a’ dèanamh nan seachd reultan agus Orion; agus a’ tionndadh sgàil a’ bhàis gu madainn, agus a nì an là dorcha mar an oidhche: a tha a’ gairm air uisgeachan na fairge, agus gan dòrtadh a‑mach air aghaidh na talmhainn; is e Iehòbhah a ainm:

Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.

Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis.

A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

Agus thàinig sibh an fagas, agus sheas sibh fon t‑sliabh; agus bha an sliabh a’ losgadh le teine gu meadhon nèimh, maille ri duibhre, neòil, agus dubh-dhorchadas.

Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan