Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.
Agus nuair nach robh a’ ghrian no na reultan rim faicinn rè mòran làithean, agus a laigh doineann nach bu bheag oirnn, thugadh an sin uainn gach uile dhòchas gun teasairgte sinn.
Fearann de a bheil an Tighearna do Dhia a’ gabhail cùraim; tha sùilean an Tighearna do Dhia air a‑ghnàth, o thoiseach na bliadhna eadhon gu deireadh na bliadhna.
Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,