Rachadh as don là air an do rugadh mi, agus don oidhche anns an dubhairteadh, Ghineadh leanabh mic.
Agus labhair Iob, agus thubhairt e,
Biodh an là sin na dhorchadas: na iarradh Dia e on àirde, agus na dealraicheadh solas air.
Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh.