Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir an nì ron robh eagal mòr orm, thachair e dhomh; agus an nì ron robh mi fo uamhann, thàinig e orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Thionndaidh uamhasan am aghaidh: ruaig iad m’anam mar a’ ghaoth; agus mar neul chaidh mo thèarainteachd seachad.

Nuair a bha sùil agam ri math, an sin thàinig olc; agus nuair a bha dùil agam ri solas, thàinig dorchadas.

Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde-san cha robh e an comas dhomh fulang.

Tha eagal orm ro mo dhoilgheasan uile; tha fhios agam nach meas thu neochiontach mi.

Bha eagal oirbh ron chlaidheamh; agus bheir mise claidheamh oirbh, deir an Tighearna Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan