Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Don duine aig a bheil a shlighe falaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.

Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean.

Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.

Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman.

A nì aoibhneas ro‑mhòr, a nì luath-ghaire nuair a gheibh iad an uaigh:

Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh mo nàmhaid; shocraich thu mo chasan ann an àite farsaing.

Chuir thu mo luchd-eòlais fada uam; rinn thu mi am ghràinealachd dhaibh; druidte suas tha mi, agus chan urrainn mi teachd a‑mach.

Tha mo shùil a’ fàilneachadh do bhrìgh m’àmhghair; ghairm mi ort, a Thighearna, gach là; shìn mi mo làmhan riut.

Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia?

Chuartaich e mi le gàrradh air gach taobh, air chor is nach faod mi teachd a‑mach; rinn e mo shlabhraidh trom.

Dhruid e suas mo shlighe le clachan snaidhte; rinn e cam mo cheuman.

Uime sin, feuch, druididh mise suas a slighe le droigheann, agus dùinidh mi a callaid, air chor is nach amais i air a ceuman.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan