Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A tha a’ gabhail fadail airson a’ bhàis, ach chan eil e a’ teachd: agus a chladhaicheas air a shon nas mò na airson ionmhais fhalaichte:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

A nì aoibhneas ro‑mhòr, a nì luath-ghaire nuair a gheibh iad an uaigh:

O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann!

Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi!

Agus is fheàrr lem anam tachdadh, bàs na beatha.

Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte;

Uime sin mhol mi na mairbh a dh’eug cheana nas mò na na beòthan a tha beò fhathast.

Agus bidh bàs nas roghnaiche na beatha leis an uile fhuidheall a mhaireas den teaghlach olc seo, a bhios nam fuidheall anns gach uile àite gus am fògair mise iad, deir Tighearna nan sluagh.

Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Agus ma bhuineas tu rium mar seo, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh-ghean ad shealladh; agus na faiceam mo thruaighe.

Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan