Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha am beag agus am mòr an sin; agus an seirbhiseach saor o a mhaighistir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad.

Bidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tàirngidh gach duine na dhèidh, mar a tha iad do‑àireamh roimhe.

Cuideachd bidh tàmh aig na prìosanaich; cha chluinn iad guth an fhir-shàrachaidh.

Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama:

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Araon a dhaoine ìosal agus àrd, beartach agus bochd le chèile.

Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i.

Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan