Cuideachd bidh tàmh aig na prìosanaich; cha chluinn iad guth an fhir-shàrachaidh.
An sin sguiridh na h‑aingidh de bhuaireas, agus an sin gheibh iadsan a tha sgìth le saothair fois:
Tha am beag agus am mòr an sin; agus an seirbhiseach saor o a mhaighistir.
Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.
Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna: oir bha naoi ceud carbad iarainn aige; agus rinn e ainneart air cloinn Israeil gu ro‑mhòr rè fichead bliadhna.