Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

No mar thorrachas anabaich falaichte, cha bhithinn ann; mar naoidheanan nach faca solas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Bhithinn mar nach bithinn ann: on bhroinn a dh’ionnsaigh na h‑uaighe bhithinn air mo ghiùlan.

No maille ri uachdarain aig an robh òr, a lìon an taighean le airgead:

An sin sguiridh na h‑aingidh de bhuaireas, agus an sin gheibh iadsan a tha sgìth le saothair fois:

Mar sheilcheig a bhios a’ leaghadh as, rachadh iad as; mar thorrachas anabaich mnà, na faiceadh iad a’ ghrian.

Mum mothaich ur coireachan teas on droighnich, bheir e air falbh iad mar le iomaghaoith, araon beò, agus na chorraich.

Ach is fheàrr na iad le chèile an tì nach robh ann fhathast, nach faca an droch obair a nìthear fon ghrèin.

Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e.

Nan dèidh uile chunnacas leamsa e mar an ceudna, mar neach a rugadh ann an an‑àm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan