Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Maille ri rìghrean agus comhairlichean na talmhainn, a thog àitean aonaranach dhaibh fhèin;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite.

An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh.

Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain.

Cuibhreach rìghrean sgaoilidh e, agus crioslaichidh e crios air an leasraidh.

Agus còmhnaichidh e ann am bailtean fàsaichte, ann an taighean nach eil air an àiteachadh, a tha ullamh gu bhith nan càrnan.

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Mar chaoraich cuirear iad anns an uaigh; ithidh am bàs iad, agus bidh uachdaranachd aig na fìreanan os an cionn anns a’ mhadainn; seargaidh an dreach as anns an uaigh, an ionad-còmhnaidh.

Cò e an duine a tha beò agus nach faic am bàs, no a theasairgeas a anam fhèin o làimh na h‑uaighe?

Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i.

Tha uile rìghrean nan cinneach, an t‑iomlan dhiubh, a’ laighe sìos ann an greadhnachas, gach aon na fhàrdaich fhèin.

Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite-còmhnaidh dha fhèin ann an carraig?

Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre!

Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear-càraidh a’ bheuma, Fear-aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh.

Nuair a bheir mi ort dol sìos leòsan a thèid sìos don t‑sloc le muinntir na h‑aimsir o shean, agus a chuireas mi thu ann an ionadan ìochdarach na talmhainn, ann an ionadan fàs o shean, leòsan a thèid sìos don t‑sloc, air chor is nach bi thu air d’àiteachadh, agus nach seas thu nas mò ann an tìr nam beò:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan