Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.
Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
Agus cha laigh iad leis na cumhachdaich, a thuit de na neo-thimcheall-gheàrrte, a chaidh sìos do ifrinn len airm-chogaidh; agus chuir iad an claidheamhan fon cinn, ach bidh an aingidheachd air an cnàmhan, ged a b’iad uamhas nan cumhachdach ann an tìr nam beò.