Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson nach d’eug mi on bhroinn? Carson, nuair a thàinig mi as a’ bholg, nach tug mi suas an deò?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

A chionn nach do dhruid i dorsan mo bhronn, agus nach d’fhalaich i bròn om shùilean.

Carson a ghabh na glùinean romham? Agus carson na cìochan, gun deoghailinn?

Mar sheilcheig a bhios a’ leaghadh as, rachadh iad as; mar thorrachas anabaich mnà, na faiceadh iad a’ ghrian.

Leatsa chumadh mise suas on bhroinn; à innibh mo mhàthar bhuin thu mi; ortsa bidh mo mholadh an còmhnaidh.

Uime sin mhol mi na mairbh a dh’eug cheana nas mò na na beòthan a tha beò fhathast.

Ach is fheàrr na iad le chèile an tì nach robh ann fhathast, nach faca an droch obair a nìthear fon ghrèin.

Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e.

Mar an ceudna chan fhaca e a’ ghrian, agus cha b’aithne dha nì air bith: tha tuilleadh foise aigesan na aig an fhear eile.

Eisdibh rium, a thaigh Iàcoib, agus uile iarmad taigh Israeil; a ghiùlaineadh leam on bhroinn, a dh’iomchaireadh on bholg:

Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh.

A chionn nach do mharbh e mi on bhroinn, no gum biodh mo mhàthair na h‑uaigh dhomh, agus a brù an còmhnaidh torrach leam.

Thoir, O Thighearna. Ciod a bheir thu? Thoir dhaibh brù chaillteachd, agus cìochan seasga.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan