Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A chionn nach do dhruid i dorsan mo bhronn, agus nach d’fhalaich i bròn om shùilean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, airson Shàrah bean Abrahàim.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun tugadh fuath do Lèah, dh’fhosgail e a bolg: ach bha Rachel gun chloinn.

Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.

An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna.

Carson nach d’eug mi on bhroinn? Carson, nuair a thàinig mi as a’ bholg, nach tug mi suas an deò?

Dorchaichear reultan a dùbhra; amhairceadh i airson solais, ach na tigeadh e; agus na faiceadh i rosgan na maidne:

Uime sin atharraich doilgheas od chridhe, agus cuir olc air falbh od fheòil; oir is dìomhanas leanabachd agus òige.

A chionn nach do mharbh e mi on bhroinn, no gum biodh mo mhàthair na h‑uaigh dhomh, agus a brù an còmhnaidh torrach leam.

Ach do Hanah thug e cuibhreann dhùbailte; oir ghràdhaich e Hanah; ach dhruid an Tighearna a brù.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan