Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dhèidh seo dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Ann an seo uile cha do pheacaich Iob, agus cha do labhair e gu h‑amaideach an aghaidh Dhè.

Agus shuidh iad sìos maille ris air an talamh seachd làithean agus seachd oidhcheannan, agus cha do labhair neach facal ris; oir chunnaic iad gu robh a dhoilgheas ro‑mhòr.

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ra chnàimh agus ra fheòil, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Agus labhair Iob, agus thubhairt e,

Rachadh as don là air an do rugadh mi, agus don oidhche anns an dubhairteadh, Ghineadh leanabh mic.

Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas.

Oir bhrosnaich iad a spiorad, air chor is gun do labhair e gu h‑aithghearr le a bhilean.

Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan