Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge.
Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.
Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice:
Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air.
Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad-san?
Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh?
O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!