Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 28:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire.

Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse:

Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe.

Cò a gheibh bean shubhailceach? Oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal.

Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe.

Bha a Nàsaraich na bu ghloine na sneachd; bu ghile iad na bainne; bu deirge iad anns a’ chorp na ruiteachain; bha an dreach mar shaphir.

B’i Siria do cheannaiche airson lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu: rinn iad malairt ann ad mhargaidhean le emeraild, purpar, agus obair ghrèise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat.

Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.

Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor;

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.

Bathair òir, agus airgid, agus chlach luachmhor, agus neamhnaidean, agus lìon-aodaich ghrinn, agus phurpair, agus shìoda, agus sgàrlaid, agus gach uile ghnè fhiodh thine, agus gach uile ghnè shoithichean ìbhiridh, agus gach uile ghnè shoithichean de fhiodh ro‑luachmhor, agus de umha, agus de iarann, agus de mharmor,

Agus an dà‑gheata-dheug bu dà‑neamhnaid-dheug iad; bha gach aon fa leth de na geatachan air a dhèanamh a dh’aon neamhnaid: agus b’òr fìorghlan sràid a’ bhaile, mar ghloine soilleir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan