Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach.
Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa.
Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir.
Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle.
Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?
Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.
Is fheàrr mo thoradh na òr, eadhon na òr fìorghlan; agus mo theachd-a‑staigh na airgead taghte.