Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd-àiteachaidh an t‑saoghail.
O fhòirneart agus o bhreitheanas thugadh air falbh e; agus a ghinealach cò a chuireas an cèill? Oir ghearradh as e o thìr nam beò; airson easaontas mo shluaigh-sa bha e air a throm-bhualadh.
Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh.
An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo-thimcheall-gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc.