Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 28:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Mo thighearna, èisd rium: is fiù an t‑achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mise agus thusa? Uime sin adhlaic do mharbh.

Agus nuair a sguir na càmhail a dh’òl, an sin ghabh an duine cluas-fhàinne òir, anns an robh leth seceil de chudthrom, agus dà làmh-fhail airson a làmh, anns an robh deich seceil òir de chudthrom.

Agus bha uile shoithichean-òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh aon dhiubh de airgiod; cha robh meas air bith dheth ann an làithean Sholaimh.

Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e.

Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha.

Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean.

Tha a’ phoit-ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir; ach dearbhaidh an Tighearna na cridheachan.

Mar a’ phoit-ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir, mar sin tha duine do bheul an tì a mholas e.

Feuch, ghlan mi thu, ach cha b’ann le airgead; thagh mi thu ann an àmhainn an àmhghair.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan