Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Nuair a bheirear breith air, faighear ciontach e, agus biodh ùrnaigh dha na pheacadh.

Ghlaodh iad, ach cha robh fear-saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.

An sin mhìn-phronn mi iad mar dhuslach fa chomhair na gaoithe; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad.

Ma bheir mi spèis do euceart am chridhe, chan èisd an Tighearna rium.

Nuair a thig ur n‑eagal mar fhàsachadh, agus a thig ur lèirsgrios oirbh mar iomaghaoith; nuair a thig teinn agus cràdh-cridhe oirbh.

An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach chan fhaigh iad mi;

An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd.

Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise orra dòrainn o nach bi e comasach dhaibh dol as; agus ged ghlaodh iad rium, chan èisd mi riu.

Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.

Uime sin buinidh mise riùsan fòs ann am feirg: cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam: agus ged èigh iad ann am chluasan le guth àrd, gidheadh chan èisd mi riu.

Agus cha do ghlaodh iad riumsa len cridhe; ged rinn iad donnalaich air an leapaichean airson arbhair agus fìona; tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chèile, tha iad ag èirigh suas am aghaidh-sa.

An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, ach chan èisd e riu: falaichidh e fòs a ghnùis uapa anns an àm sin, mar a ghiùlain iad iad fhèin gu h‑olc nan gnìomharan.

Agus thachair amhail a ghlaodh mise, agus nach d’èisd iadsan; mar sin ghlaodh iadsan, agus cha d’èisd mise, deir Tighearna nan sluagh.

On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?

Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear-adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris-san èisdidh e.

Agus thill sibh, agus ghuil sibh an làthair an Tighearna; ach chan èisdeadh an Tighearna ri ur guth, agus cha tugadh e cluas dhuibh.

Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana-miannan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan