Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine?

Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair.

Oir bidh coitheanal nan cealgair aonaranach, agus caithidh teine pàilleanan na duais-bhratha.

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach.

Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt?

Mar sin ceuman nan uile a dhìochuimhnicheas Dia; agus bàsaichidh dòchas a’ chealgair:

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios?

Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear-adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris-san èisdidh e.

Agus thill sibh, agus ghuil sibh an làthair an Tighearna; ach chan èisdeadh an Tighearna ri ur guth, agus cha tugadh e cluas dhuibh.

Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan