Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.

Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhathast tha e a’ gleidheadh a ionracais, ged ghluais thusa mi na aghaidh a‑chum a sgrios gun adhbhar.

Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach.

Chuir mi ionracas orm, agus dh’èidich e mi: mar fhallaing agus mar choron bha mo bhreitheanas.

Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas.

Ma thionndaidh mo cheum as an t‑slighe, agus an dèidh mo shùl gun do ghluais mo chridhe, agus rim làmhan gun do lean smal air bith;

An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin.

Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil am Busitheach, de chinneadh Ram; an aghaidh Iob las a fhearg, a chionn gun d’fhìreanaich e e fhèin nas mò na Dia.

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd-sa ann.

Dèan greim daingeann air teagasg; na leig as e; coimhead e, oir is e do bheatha e.

Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo-lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine.

Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan