Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?

Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.

Mar aisling grad-shiùbhlaidh e, agus chan fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h‑oidhche:

Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.

Oir tha e a’ cur ceannairc ra pheacadh, a’ bualadh a bhas nar measg, agus a’ dèanamh a bhriathran lìonmhor an aghaidh Dhè.

Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.

Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann.

Agus nì mi a’ chathair seo na fàsach, agus na ball-sgeig: bidh mòr-ioghnadh air gach neach a thèid seachad oirre, agus nì e sgeig airson a h‑uile phlàighean.

Tha a mheud is a tha a’ gabhail seachad a’ bualadh am bas riut: tha iad ri sgeig-fhiacal, agus a’ crathadh an cinn ri nighinn Ierusaleim, ag ràdh, An i seo a’ chathair ri an goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile?

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do bhuail thu do làmhan, agus gun do bhreab thu led chasan, agus gun do rinn thu gàirdeachas ann ad chridhe, led uile tharcais an aghaidh fearann Israeil;

Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.

Chan eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h‑uile a chluinneas iomradh ort, buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail d’olc an còmhnaidh?

Seo a’ chathair luathghaireach a ghabh còmhnaidh gu neo-umhaileach; a thubhairt na cridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Cionnas a dh’fhàs i na fàsach, na h‑àite airson bheathaichean gu laighe sìos ann! Nì gach aon a thèid seachad sgeig oirre, agus crathaidh e a làmh.

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan