Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.

Mar aisling grad-shiùbhlaidh e, agus chan fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h‑oidhche:

Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha.

Tha thu gam thogail ris a’ ghaoith: tha thu a’ toirt orm marcachd oirre, agus a’ leaghadh as mo bhrìgh:

Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.

Trìd do chorraich agus d’fheirge, oir thog thu mi suas, agus leag thu mi sìos.

Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain.

Mum mothaich ur coireachan teas on droighnich, bheir e air falbh iad mar le iomaghaoith, araon beò, agus na chorraich.

Mar sin dèan thusa tòrachd orra led dhoininn, agus led iomaghaoith cuir uamhann orra.

Sgapaidh mise iad mar gum b’ann le gaoith an ear ron nàmhaid; tionndaidhidh mi riu mo chùl, agus chan i m’aghaidh, ann an là an lèirsgrios.

Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh.

Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus thuit e; agus bu mhòr a thuiteam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan