Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Deasaichidh e e, ach cuiridh an t‑ionracan air e; agus roinnidh an neochiontach an t‑airgead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Air an là sin thug an rìgh Ahasuerus taigh Hàmain, eascaraid nan Iùdhach, do Ester a’ bhànrighinn; agus thàinig Mordecai an làthair an rìgh: oir dh’innis Ester ciod a b’e a dhàimh dhi:

Cha bhi e beartach, agus cha mhair a mhaoin; agus cha sìn e a‑mach a fhreumh anns an talamh.

Iarraidh a mhic na bochdan a thoileachadh, agus aisigidh a làmhan am maoin.

Aisigidh e an nì airson an do shaothraich e, agus cha sluig e sìos e: a rèir a shaoibhreis bidh a aiseag, agus cha dèan e gàirdeachas ann:

Ged chàrn e suas airgead mar an duslach, agus ged dheasaich e aodach mar an làthach;

No maille ri uachdarain aig an robh òr, a lìon an taighean le airgead:

Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich.

An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd.

Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Àrd-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd-malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giùlain an airgid air am milleadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan