Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ginidh tu mic agus nigheanan, ach cha mheal thu iad; oir thèid iad am braighdeanas.

Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.

Iarraidh a mhic na bochdan a thoileachadh, agus aisigidh a làmhan am maoin.

Sgrios gu robh air a shliochd; anns an àl a thig na dhèidh gun cuirear as da ainm.

Cha chreid e gun till e as an dorchadas; agus feithear air leis a’ chlaidheamh.

Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.

Iadsan a bha làn, airson arain thuarasdalaich iad iad fhèin; agus iadsan a bha acrach, sguir iad de bhith mar sin: ise a bha roimhe neo-thorrach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann.

Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh.

Tha seann leòmhann a’ bàsachadh a dhìth cobhartaich, agus sgarar o chèile cuileanan an leòmhainn bhoirinn.

Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas na àitean-còmhnaidh.

A‑ghnàth air seachran biodh a chlann, agus iarradh iad dèirc, agus sireadh iad as an àitean fàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan