Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-fòirneirt a gheibh iad on Uile-chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin?

Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich on àirde?

Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt?

Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain.

Airson fòirneart nam bochd, airson osnaich nan ainnis, a‑nis èiridh mi, arsa an Tighearna; cuiridh mi e ann an tèarainteachd uaithesan a bhagras na aghaidh.

Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè.

Is an‑aoibhinn don aingidh; is olc a dh’èireas dhàsan; oir dìolar dha obair a làmh fhèin.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan