An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.
Agus cionnas nach do ghlèidh mi nì sam bith am falach a bha feumail dhuibhse, gun a nochdadh dhuibh, agus gun sibhse a theagasg am follais, agus o thaigh gu taigh,
Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a‑chum is gun dèanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh.