Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 27:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi.

Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,

Nach eil eòlas acasan uile a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air an Tighearna?

Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe.

An sin thèid mi a dh’ionnsaigh altair Dhè, a dh’ionnsaigh Dhè, m’aoibhneas ro‑mhòr, agus molaidh mi thu air a’ chlàrsaich, a Dhè, mo Dhia.

An sin gabhaidh tu tlachd anns an Tighearna; agus bheir mise ort marcachd air ionadan àrda na talmhainn; agus beathaichidh mi thu le oighreachd Iàcoib d’athair; oir labhair beul an Tighearna e.

Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.

Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum.

Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dhè maille ra thaigh uile, a bha a’ toirt mòran dèirce don t‑sluagh, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri Dia a‑ghnàth.

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan