Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?
Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.
Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.